⚽
Bidh sgioba ball-coise na h-Alba a' coinneachadh airson gèam càirdeal ri Bolivia ann an Harrison, Jersey Nuadh an-diugh.
📺 Bidh an gèam ga chraoladh beò air BBCScotland aig 8.30f (toiseach: 9f)
⚽
Bidh sgioba ball-coise na h-Alba a' coinneachadh airson gèam càirdeal ri Bolivia ann an Harrison, Jersey Nuadh an-diugh.
📺 Bidh an gèam ga chraoladh beò air BBCScotland aig 8.30f (toiseach: 9f)
⚽
📻 Bidh #BBCRnG ag aithris beò ann an Gàidhlig:
⚽
Bha Ailig O'Henley ag aithris air a' ghèam ro làimh air #BBCRnG Aithris na Maidne an-dè (mu 0:50)
⚽
🇧🇴 Bolivia - Alba 🏴 (9f)
Fiosrachadh air a' ghèam chàirdeil air làrach-lìn BBCSport:
⚽
Tadhal tràth do dh'Alba: às dèidh deagh ionnsaidh thairis air an taobh chlì chluichd Robertson cros cuimseach gu Shankland a chuir am ball dhan lìon.
5' 🇧🇴 0-1 🏴
⚽
Tadhal eile do dh'Alba, agus ionnsaidh thar taobh clì na pàirce a-rithist. 'S e Shankland a chuir am ball dhan a' mheadhan do McTominay a fhuair an tadhal. Snog!
23' 🇧🇴 0-2 🏴
⚽
Seo an 3as tadhal: Gannon-Doak le deagh phas bhon taobh dheas agus Adams leis an tadhal.
30' 🇧🇴 0-3 🏴
⚽
Adams a-rithist! Ionnsaidh tron mheadhan an trup-sa, agus bha aig Adams ri an gnothach a dhèanamh air cluicheadairean-dìon Bolivia. Ach chaidh am ball thairis air an loidhne-tadhail.
45' 🇧🇴 0-4 🏴
⚽
Tha Alba 4 tadhail air thoiseach air Bolivia aig leth-ùine. Tha coltas gu bheil an sgioba ann an sunnd agus ag obair gu math còmhla.
Leth-ùine 🇧🇴 0-4 🏴
⚽
Ged a rinn Alba oidhirpean gealltanach air an tadhal san 2a leth tha iad fhathast 4 tadhail air thoiseach às dèidh uair a thìde.
61' 🇧🇴 0-4 🏴
⚽
Cha robh tadhal anns an 2a leth dhen ghèam. Saoilidh mi gum bi S. Clarke riaraichte ge-tà on nach deach duine a ghoirteachadh agus chluichd iad gu math. Ach feumaidh mi ràdh nach robh Bolivia na dùbhlan dhaibh. Bhuinnig Alba gu cofhartail. Tha mi an amharas nach bi e buileach cho furasta an ath sheachdain.
Làn-ùine 🇧🇴 0-4 🏴