⚽
Bidh cuairt dheireannach Cupa nan Juniors air BBCAlba aig 4f. Sin an gèam cupa as fheàrr leam san t-seusan. 'S e dà sgioba à bailtean Siorrachd Inbhir Àir a choinnicheas sa chuairt dheireannach aig Broadwood ann an Comar nan Allt: An Leargaidh Ghallda agus Achadh nan Leac. Sin an 2a turas, bhuinnig Achadh nan Leac ann an 2019.
⚽
Taing mhòr do sgioba aithris #BBCAlba do Mhìcheal Steele mar phrèasantair agus pundit Murdo MacKinnon, a ghlèidh an dearbh chupa le Johnstone Burgh an-uiridh. Agus gu h-àraid do dh'Ailig O'Henley airson aithris a bha a cheart cho beòthail is tarraingeach mar a bha an gèam fhèin, le sàr-eòlas is dìoghras!
