Sgrìobh i: #22: Tha sinn deiseil
Sin sibh, a chàirdean còire!Tron Mhàrt, fhuair sinn trì sgeulachdan (dìreach mar a fhuair sinn sa Ghearran) airson farpais #sgrìobhi. Seo an cuspair a bh’ ann:Sgrìobh sgeulachd Ghàidhlig bheag suas ri 200 facal mun earrach agus na tha an ràith seo a’ ciallachadh dhut fhèin.(Write a wee story in Gaelic of up to 200 words about spring, and what this season means to you.)Abair gun robh na sgeulachdan a fhuair sinn bho Steph, Steffi agus Sabine àlainn is cruthachail, mar a bha sinn an dùil 🙂 Ge-tà, mar a chanas sinn an-còmhnaidh, agus ged a bha e glè fhaisg, chan fhaod ach aon sgeulachd a bhuannachadh, agus an turas seo……’s e sgeulachd Sabine a bh’ ann! 👏’S ann à Hamburg sa Ghearmailt a Tuath a tha Sabine, agus bidh ise agus Steffi againn (a tha a’ fuireach faisg air làimh) fiù ’s ag ionnsachadh còmhla beagan an siud ’s an seo. Nach eil sin snog? Seo dhuibh “Tha sinn deiseil”, an sgeulachd uabhasach àlainn a sgrìobh Sabine mu àm an earraich agus mun chruth-atharrachadh a thig air an t-saoghal timcheall oirnn.Meal do naidheachd, Sabine! 🥇 Seo clàradh-gutha, an sgeulachd fhèin, agus eadar-theangachadh gu Beurla dhuibh.
Tha sinn deiseilNuair a tha an sneachd air falbh, nuair a tha a’ ghrian a’ fàs nas làidire, tha mi a’ dùsgadh. Tha e dorcha timcheall orm fhathast. Ach tha mi ag èisteachd ri ceòl an earraich! Tha mo fhreumhaichean a’ cladhach tron ùir. Tha uisge na h-ùire gam lìonadh gu slaodach,…
