FèisTV: Anna NicGriogair - Horo Chan eil Cadal Orm
Horo chan eil cadal orm’
Chan eil m’ aire air sòlas
Mo chùl ri luchd mo rùin
Agus dùthaich na h-òige.
Seo Anna NicGriogair a’ gabhail an òran àlainn ‘Horo Chan eil Cadal Orm’, an òran a thagh i airson rannsachadh mar phàirt den phròiseact Fuaran aice. 🎶 Chaidh a sgrìobhadh le Aonghas Lachlainn, bàrd à Uibhist a’ Tuath.
Tha ceangal làidir aig Anna ri Uibhist a’ Tuath leis gun do rugadh is gun do thogadh a seanmhair an sin, agus mar sin, bha i airson òran a lorg às an sgìre sin. Bha i air a tarraing le faclan an òrain agus, gu fortanach, lorg i clàradh de neach ga sheinn air Tobar an Dualchais. 🎤 Bha am fonn breàgha dha rìribh, agus a bharrachd air sin, ’s e Raghnall Iain MacDhòmhnaill, co-ogha do a seanmhair, a bha ga sheinn! 💛
Here’s Anna MacGregor singing Hòro Chan Eil Cadal Orm, the song she chose to research as part of her Fuaran project. 🎶 It was composed by Aonghas Lachlann, a bard from North Uist.
Anna has a strong connection to North Uist, as her grandmother was born and raised there, and so she wanted to find a song from that area. She was drawn to the song’s lyrics and, fortunately, discovered a recording of someone singing it on Tobar an Dualchais. 🎤 Amazingly, the singer she found was Ronald Iain MacDonald, her grandmother’s cousin! 💛
Le taing do Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir…
Coimhead air: https://www.youtube.com/watch?v=vslAGpnyqLk
