Tha sgioba ball-coise na h-Alba a' cluiche Côte d'Ivoire ann an Liverpool an-diugh. Thèid an gèam a chraoladh beò air BBCTwo agus BBC Scotland. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air na sgiobaidhean air làrach-lìn UEFA.

https://www.uefa.com/european-qualifiers/friendlies/match/2047812--cote-d-ivoire-vs-scotland/

#BallCoise #Gàidhlig

Côte d'Ivoire-Scotland | European Qualifiers 2026 | UEFA.com

Côte d'Ivoire vs Scotland: all the latest Friendly Matches match information including stats, form, history, and more.

UEFA.com


Chan eil fiosrachadh beò air làrach-lìn UEFA a-rèir choltais, ach tha air BBCSport:

https://www.bbc.com/sport/football/live/cew75ny45v9t

#BallCoise #Gàidhlig

International Friendly LIVE: Scotland vs Ivory Coast - TV coverage, radio commentary, text updates, latest score & match stats

Steve Clarke plans a "raft of changes" for Tuesday's friendly against Ivory Coast, with the Scotland head coach explaining his starting XI will be "unrecognisable" from the team that lost 1-0 to Japan.

BBC Sport


Gheibh Pepe a' chiad tadhal airson Côte d'Ivoire. Thàinig am ball air ais bhon phost an toiseach ach chuir Pepe dhan lìon e bho astar glè ghoirid ron tadhal.

12' 🇨🇮 1-0 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿

#BallCoise #Gàidhlig


Tha an 2a leth dhen ghèam air tòiseachadh. Cluichidh S. Bain eadar na puist a-nis an àite L. Kelly.

46' 🇨🇮 1-0 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿

#BallCoise #Gàidhlig


Cha mhòr nach d' fhuair Pepe tadhal eile airson Côte d'Ivoire!

67' 🇨🇮 1-0 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿

#BallCoise #Gàidhlig


Cha robh tadhal a bharrachd ann agus tha Côte d'Ivoire air an gèam a bhuinnig le tadhal bho Pepe sa 12mh mionaid. Bha beagan chothroman aig Alba, ach bha an loidhne-dìon aig Côte d'Ivoire làidir agus cha robh na h-oidhirpean Albannach soirbheachail. Ach air taobh eile na pàirce rinn loidhne-dìon na h-Alba math cuideachd. Agus abair deagh shàbhaladh le Bain an aghaidh Pepe!

Làn-ùine 🇨🇮 1-0 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿

#BallCoise #Gàidhlig