⚽
Tha Montròis a' cluiche an aghaidh Alloa a-nis ann an lìog a h-aon.
Tha an gèam beò air #BBCALBA
https://www.bbc.co.uk/programmes/m002swc2
⚽
Tha Montròis a' cluiche an aghaidh Alloa a-nis ann an lìog a h-aon.
Tha an gèam beò air #BBCALBA
https://www.bbc.co.uk/programmes/m002swc2
⚽
Bha a' ghrian ìseal na trioblaid do loidhne-dìon Alloa an toiseach ach tha a' phàirce gu lèir fo sgàil a-nis a-rèir choltais.
⚽
Seo an 2a tadhal do dh'Alloa, Burnside a-rithist leis a' chas dheis an trup-sa.
27' 🔵 MON 0-2 ALL 🐝
⚽
Bha tadhal Alloa fosgailte, ach cha deach aig Montròis air am ball a chur a-staigh dhan lìon, chaidh e os cionn an tadhail. Fìor chothrom a bha sin.
38' 🔵 MON 0-2 ALL 🐝
⚽
Dìreach às dèidh sin tha Sunderland air tadhal fhaighinn airson Mhontròis.
40' 🔵 MON 1-2 ALL 🐝
⚽
Saor-bhreab do Mhontròis ann an àite gealltanach, agus fear eile aig oir a' bhogsa.
Cha deach am ball a-staigh gu dìreach, ach tha Freeman air an 2a tadhal fhaighinn agus tha Montròis co-ionnan aig leth-ùine.
45+2' 🔵 MON 2-2 ALL 🐝
⚽
Tha Montròis agus Alloa air dà thadhal an urra aig leth-ùine. Thòisich Alloa nas fheàrr agus chuir Burnside tadhal le gach cas, ach thill Montròis a dh'fhaighinn co-ionnan anns na mionaidean mu dheireadh. An-dràsta fhèin, 's ann orrasan a tha coltas nas làideire.
⚽
Tha Montròis fhathast a' coimhead nas fheàrr dhomhsa às dèidh cairteal na h-uaireach dhen 2a leth.
61' 🔵 MON 2-2 ALL 🐝
⚽
Tha na tadhail a' frasadh a-steach airson Mhontròis a-nis agus dà dhiubh ann am mionaid le Lyons agus Sandilands! Tha Montròis air an gèam a thionndadh mun cuairt.
69' 🔵 MON 4-2 ALL 🐝
⚽
Chan eil Montròis riaraichte fhathast. Chuir Loudon tadhal brèagha do Mhontròis. Cha robh an loidhne-dìon a' coimhead ro mhath ge-tà
78' 🔵 MON 5-2 ALL 🐝
⚽
Tha Alloa fhathast beò agus tha iad air tadhal fhaighinn air ais. Ro fhurasta do Donelly.
80' 🔵 MON 5-3 ALL 🐝
⚽
Mearachd uamhasach bho fhear-glèidhidh Mhontròis, agus tha Alloa a' fàighinn nas fhaisge. Hattrick do Burnside
84' 🔵 MON 5-4 ALL 🐝
⚽
Rinn Alloa an dìcheall gus faighinn co-ionnann aig an deireadh ach cha deach aca air tadhal eile fhaighinn agus 's ann ann am Montròis a dh'fhuiricheas na trì puingean.
Làn-ùine 🔵 MON 5-4 ALL 🐝
⚽
Às dèidh a bhith 2 thadhal air dheireadh sa chiad leth uair a thìde chuir Montròis 5 gun fhreagairt thairis air an dà leth. Fhuair Alloa 2 thadhal air ais agus 's dòcha gun robh iad airidh air puing aig an deireadh ach bha am beàrn de 3 thadhail dìreach ro mhòr.
'S e gèam math, tarraingeach a bh' ann, fìor shanasachd airson ball-coise League 1. 👏