⚽ Làn-ùine
Tha #HibsLadies air an gèam a ghlèidheadh le tadhal gu neoni an aghaidh #Hearts
Cha b' e an gèam a b' fhearr ach tha cluicheadairean Hibs gu math toilichte agus manaidsear Grant Scott cuideachd.
HEA 0 - 1 HIB

#BallCoise #HEAHIB #SWPL

⚽ 81'
Tadhal mu dheireadh thall! Bha Rosie Livingston ann an àite math air taobh deas a' bhogsa agus chuir i am ball a-staigh gu cinnteach.
HEA 0 - 1 HIB

#BallCoise #HEAHIB #SWPL


70' Tha an gèam beagan nas luaithe san 2a leth agus na cothroman beagan nas fhaisge air an targaid ach fhathast gun tadhal.

#BallCoise #HEAHIB #SWPL


Leth-ùine agus fhathast gun tadhal anns an derby. Droch phasaichean air gach taobh agus cothrom mòr aig Hibs a dh'aindeoin dìreach beagan mhionaidean air ais ach cha robh iad comasach brath a ghabhail air. Tha mi an dòchas gun dèan na manaidsearan an cuid obrach san interval agus gum bi an luchd aithris ceart agus gum faic sibh gèam eadar-dhealaichte san 2a leth.

#BallCoise #HEAHIB #SWPL


Leth uair a thìde air a chluichd ann an derby Dhùn Èideann agus ged a bha leth chothroman aig gach taobh chan eil coltas nas làidire air aon dhe na sgiobaidhean thuige seo. Canaidh mi mar seo e, tha mi taingeil gur e gèam lìog a tha seo.

#BallCoise #HEAHIB #SWPL

⚽ Derby Dhùn Èideann dìreach air tòiseachadh.
Bhithinnsa toilichte nan crìochnaicheadh iad co-ionnan ach bidh #HibsLadies a' sioradh dìoladh airson an derby mu dheireadh.
Tha an gèam beò air #BBCAlba an-dràsta.

#HEAHIB #Gàidhlig #BallCoise #SWPL