Tha sgioba ball-coise na h-Alba agus Iapan a' coinneachadh airson gèam càirdeil aig pàirce Hampden an-diugh. Sin an ceathramh gèam eadar an dà sgioba agus thuige seo chan eil Alba air gin dhiubh a bhuinnig.
Tha an gèam ga chraoladh beò air BBCOne (Alba) agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air na sgiobaidhean air làrach-lìn UEFA.

https://www.uefa.com/european-qualifiers/friendlies/match/2047794--scotland-vs-japan/

#BallCoise #Gàidhlig

Scotland-Japan | European Qualifiers 2026 | UEFA.com

Scotland vs Japan: all the latest Friendly Matches match information including stats, form, history, and more.

UEFA.com


Chuala mi deasbad air lèintean ùra sgioba na h-Alba air #BBCRnG *Naoi gu Deich an t-seachdain-sa agus tha mi a' tuigsinn a-nis dè bha iad a' ciallachadh. Chanainn gu bheil dath agus stoidhle nan lèintean uamhasach seann-fhasanta, 60an no 70an, ach dhomhsa 's e dath na briogais a mhilleas an strip. Chìthear gun obraicheadh an dath fada nas fheàrr le gorm. Tha coltas nan stocainnean dìreach ridiculous. Mo bheachd fhèin a-mhàin, agus chan e fashion victim a th' annam idir.

#BallCoise #Gàidhlig

Lorg mi am prògram. Chan ann air Feasgar a bha an deasbad ach air Naoi gu Deich Diardaoin. Seo an ceangal-lìn

https://www.bbc.co.uk/programmes/m002sy17

BBC Radio nan Gàidheal - Naoi gu Deich, le Cathy NicDhòmhnaill.

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan.

BBC


Bha deagh chothrom aig Alba san 8mh mionaid agus tha e do-chreidsinneach 's nach deach am ball thairis air an loidhne, ach tha coltas nas làidire air Iapan sa chiad leth.

Leth-ùine 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-0 🇯🇵

#BallCoise #Gàidhlig


Abair iomairt bho Hirst! 'S truagh gun deach am ball do thaobh a-muigh an lìn.

79' 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-0 🇯🇵


Fhuair Ito a' chiad tadhal anns a' ghèam. Fìor dheagh phas le Shiogai agus deagh bhreab a dh'fhàg cùisean duilich do Gunn.

84' 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-1 🇯🇵

#BallCoise #Gàidhlig


Às dèidh trì mionaidean de dh'ùine a bharrachd tha an gèam seachad. Cha robh mi ro mhì-thoilichte le dòigh-chluiche agus spionnadh sgioba na h-Alba sa mhòr chuid ach feumaidh iad brath a ghabhail air na cothroman a gheibh iad! Bha sgioba Iapan nas làidire le barrachd chothroman agus tha iad gun chall an aghaidh na h-Alba fhathast co-dhiù.

Làn-ùine 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 0-1 🇯🇵

#BallCoise #Gàidhlig